'S e leabharlann nàiseanta is leabharlann tasgaidh a tha ann an Leabharlann Nàiseanta Poblachd na Seice (Seicis: Národní knihovna České Republiky).
Bha leabharlann anns an làrach Clementinum o 1366 ach chaidh e na leabharlann tasgaidh ann an 1781. Dh'fheum gach foillsichear ann am Pràg lethbhreac de gach leabhar a thoirt don leabharlann, 's gach foillsichear ann am Bohemia o 1807. Chaidh e na leabharlann nàiseanta ann an 1990.
Tha siostam smachd an ùghdarrais aig Uicipeid a' cleachdadh aithnichearan às an leabharlann seo.