'S e oilthigh rannsachaidh na stàite ann an Helsinki (Suòmaidh) a th' ann an Oilthigh Helsinki. Chaidh a stèidheachadh ann an 1640 ann an Turku mar Kungliga Akademin i Åbo, leis a' bhànrigh Kristina na Suaine. Ghluais e gu Helsinki ann an 1829. 'S e oilthigh dà-chànanach (Suomais/Suainis) a th' ann cuideachd.