‘S e baile mòr ann an ceann a tuath na h-Ostair a th’ ann Salzburg is tha an t-ainm a’ ciallachadh Caisteal Saillte anns a’ Ghearmailtis. Tha am baile suidhichte aig 422m os cionn ìre na mara, faisg air na Beanntan Alpen, ri taobh na h-Aibhne Salzach, anns an Stàit Salzburg fhèin. Tha A' Ghearmailt dìreach air an taobh thall na h-aibhne.Tha Salzburg 199km air falbh bho Ghraz, 109km bho Linz agus 252km bho Vienna, prìomh-bhaile na dùthcha. Tha 147,571 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile, agus ‘s e an ceathramh baile as motha na dùthcha a th’ ann Salzburg.
Bhuineadh am baile dhan Ostair-Ungaire bho 1867 gu ruige 1918.