'S e baile ann am Màili a tha ann an Tiombuctu. Tha e suidhichte faisg air an Abhainn Niger ann am meadhan na dùthcha, 1,011km air falbh bho Bamako, aig 263m os cionn ìre na mara. Tha 54,453 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin.
Ann an 1222, chuir Sundjata Keïta às do thràilleachd nuair a chruthaich e Impireachd Mhali. Ach co-dhiù cha do chuireadh an gnìomh an lagh agus aig an ceann thall b' e Tiombuctu na mhargaidh thràillean mhòr fad iomadh bliadhna.