'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Laomainn (Beurla: Loch Lomond). Tha e mu 14 mìle (23 cilemeatair) tuath air Glaschu. 'S e Loch Laomainn an loch as motha ann an Alba. Tha mu 60 eilean beag ann.
Tha e 24 mìle (39 cilemeatair) a dh'fhad agus eadar 0.75 mìle (1.21 cilemeatair) agus 5 mìle (8.0 cilemeatair) a leud. Tha e mu 120 tròigh a dhoimhne (37 meatair) agus 620 tròigh (190 meatair) aig an àite as doimhne. 'S e seo co-chomharran an locha: 56° 5′ 0″ Tuath agus 4° 34′ 0″ Iar.
Tha e na phàirt dhe Phàirc Nàiseanta Loch Laomainn agus nan Tròsaichean.
Tha Loch Laomainn a' nochadh gu math tric ann am bàrdachd agus òrain. Mar eispimpleir: Chaidh an t-òran "Loch Lomond" a dhèanamh ann an 1841 .
Sèist:
Oh, ye'll tak' the high road, and I'll tak' the low road,
On the bonnie, bonnie banks o' Loch Lomond.
And I'll be in Scotland afore ye;
But me and my true love will never meet again
B’ àbhaist do Runrig a bhith a' cluich an òrain aig deireadh nan cuirmean-ciùil aca 's iad a’ cluich air bruach an locha.